Skip to main content

‹‹‹ prev (44)

(46) next ›››

(45)
41
tlaclid 'nuair a chi e iad a' dol air seacharan,
agus a' tuiteam ann an olc. Ni e spìd air
sluagh bochd, agus tha am bodhar agus an
dall 'nan aobhar spòrs da an còmhnuidh.
A nis, mo leanabh gràdhach, cha'n 'eil m\
ag innseadh so dhuit chum gu'n gabhadh tu
fuath dheth ; oir cha'n 'eil e ceart duinn fuath a
thoirt do neach air bith, eadhon dhasan a ta
gabhail tlachd ann an truaigh muinntir eile,
Ach tha mi a"* nochdadh cia cho borb ""sa ta e.
chum gu'n gabliadh tu rabhadh o a dheanadas
agus gu'n seachnadh tu a choluadar. Uime
sin tha mi guidhe ort fantuinn uaith gus am
maothaich Dia a chridhe gu seirc agus gu giulan
ceart ; agus iarr an còmhnuidh gu'n tugadh an
Tighearn duit fein cridhe maotli agus iochd-
mhor, agus gu'n cumadh e thu o thuiteam am
buaireadh agus an oic. Biodh an gràdh sin
agad nach oibrich olc do neach air bith : Lcan
eisempleir an t-Slànuighir, a bha a ghnàth dol
mu'n cuairt a' deanamh maith. Nochd iochd
do'n truaghan agus dQ'n fheumach, agus bheir
t' Athair gràsmhor nèamhaidh, a chi an uaig-
nidheas, duais dhuit gu follaiseach.
NA SEAXGAIN AGUS NA CUILEAGAN.
Ann an oisinn gàraidh tuathanaich bha dùn
sheangan. Air feadh an t-samhraidh bha iad
ro-dhicliiollach o mhoch gu h-anmoch, a' tarr-
uing bìdh a dh'' ionnsuidh an dùnain. Dlùth
dhoibh bha icabadh phlùrain far am bu ghnàth-
D 3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence