Skip to main content

‹‹‹ prev (357)

(359) next ›››

(358)
336 TIGHMORA. DUAN viii.
Ghlan sòlas an eudan an righ,
Mar dhearrsa dol sìos o nial, 520
Air aomadh uaine nam mòr fhrith, •
Seal mun èirich an fhiar lom ghaoth.
Bhuail e copan caismeachd'a sgèith ;
Ghrad chaisg e na slèibh m* an cuairt :
Bha aomadh nan sluagh ris an treun, 525
Ri guth an tìr fèin thar na stuaidh.
" Shìol Mhòirbheinn, sgaoilear an so fleagh ;
Cuirear thairis an oidhche am fonn ;
Tha 'n dearrsa m*ancuairt air magh ;
Shiubhail dùbhra nan torrunn a null. 530
Mo shluagh so mo charraige treun
O 'n sgaoilear sgiath iolair gu cùl,
'Nuair a shiùbhlas mi mach gu beum,
Is mi glacadh dhomh fèin mo chHù.
Tha, Oisein, mo shleaghsa a'd' làimh; 535
Cha bhioran fann balaoich a crannj
A chuireas an cluaran air chall,
Air raon, is e mall 'na thriall.
'So sleagh nan garbh threuna an àm
Chur sìneadh nan làmh gu bàs. 540
Coimhid-sa ri sinns'ribh nan treun,
Tha mar dhearrsa nam fuath o speur.
'Nuair a ghlasas caoin sholus air chuan,
Gabh Artho nan sluagh ri d' thaobh
Gu Tighmòra, a's fuaimeara stuadh ; 545
Cuir-sa righre ghorm Eirinn fo 'shùil,
Crutha àillidh thog cliu o shean
Gun dì-chuimhn na thuit anns a' bhlàr.
Mosgàil fonn do na sàìr air an raon :

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence