Skip to main content

‹‹‹ prev (356)

(358) next ›››

(357)
nuAN VIII. TIGHMORA. 335
Thuìt esa fo ghriiaìm 's e gu 'thrian :
Shìolaidh an cruth gu mùgach thall
Measg gaoith nan carn mall a' triall. 490
Bha h-aithne mu thuiteam an triath' ;
*' Tha righ Eirinn nan sgiath air làr 1"
Na biodh cuimhn air a bròn gu thrian,
Chaitheas anam na h-aoise gu bàrr. .
Thuit dùbhra dubh air taobh Mhoilèna, 495
Liath iadhadh nam fiar shruth an gleann :
Chualas guth Fhionnghail ag èirigh
Is lasair o chiar chraobh nam beann.
Thionail thall na sluaigh fo shòlas,
Le sòlas leth dorcha fo ghruaim, 500
A' coimhead fo 'n gruaidhibh air mòr thriath
Gun anam am mòrchuis san àm.
Is caoin o f hàsach nam faoin bheann
Ghluais guth mall nan teud gu cluais,
Mar thoirm nan sruth o shHos charn, 505
lad fada thall an gleahn nan cruach
Neo-throm air aomadh donn nan sHabh,
Mar osag chiar air sgèith nan stuadh,
'Nuair a ghlacas i fear nan dos liath
Am fìaradh na h-oidhche fo ghruaim. 5iO
'S e focal chaoin Chondain a th' ann,
Is Carull le clàrsaichibh theud.
Thàinig an gorm-shùileach a nall
Gu Mòra nam mall slu'uth fo bheuc-
Ghrad bhris na fonna o bhaird 515
Air Lèna nan carn *s nan àrd thòrr ;
A bhuail na slòigh uile an sgiath*
Measg tionndadh is fiaradh nam fonn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence