Skip to main content

‹‹‹ prev (343)

(345) next ›››

(344)
322 TIGHMORA.
DUAN VIII.
Air an àird sgiatli iolaire trèine.
T]ia dorch roimhe sgaoileadh nan darag,
Tha fnaim ri gaoith Chlunai sa* bheinn: 85
An sin tha òg nan ciabh donn,
Mac Chairbre nan rosg gorm,
Ard righ nan sgiath leathan 's nan sonn
O Ulhnn nan ruadh *s nam mòr thìr.
Tba *chluas ri guth Chondain tha liath ; 90
Ag aomadh sìos an solus tha fann ;
Tha 'chluas ris ; tha naimhdean an triath
An Tighmòra nam fuaim nach gann.
Thig esa mach o àm gu àm
An cearb nan ceòtha gus na ruaidh. 95
'Nuair a sheallas a' ghrian air a* ghleann,
Cha 'n fhaicear e thall air a' chruaich
Aig carraig no ri fuaim nan sruth,
E g'a chleith o Bholga nan triath,
Tha chòmhnuidh an ceud thalla shinns're : 100
Innis da gu'n togas an t-sleagh,
Is theagamh gu'n leagh a naimhde."
'< Shìol Mhorni, tog-sa suas an sgiath,
A Dhearmuid, tog ciar shleagh Thighmòra ;
Biodh do ghuth-sa, Charuill, tha liath, 105
Le 'n gnìomhaibh gu sìol nam mòr thriath ;
Thoir a rìs e gu taobh Mhoilèna,
Ilaon ciar nam beum 's nan taibhse ;
An so buaileamsa còmhrag leam fèin,
An gleann cumhann nan ceud garbh ghnìomh.
Mun teiring sios an oidhche dhonn. 1 10
Thig-sa gu lom Dhun-mòra.
Coimhead o chiaradh nan tom,
O'n cheò is e trom is dòmhail

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence