Skip to main content

‹‹‹ prev (342)

(344) next ›››

(343)
DUAN viir. TIGHMORA. S21
Bha srlithan beag a* taomadh sìos,
Mi 'ga bhualadh gu thrian le sleagh,
Gun m' anam ag iadhadh r'a thaobh,
Ag èirigh baoth o smaoin gu smaoin
Mall osna o ùrlar mo chlèibh. 53
" Shìl Mhorni," thuirt righ nan sluagh j
** A Dhearmuid, shealgair nan ruadh ciar,
C'uim a tha sibh cho dorcha san uair,
Mar charraige air chruachaibh nan sliabh
Sileadh dubh uisge air an 'taobh ? 60
Cha 'n'eil fearg air m'anam gun fheum
Ri gaisgeachaibh treun nan sluagh,
Mo neart ann an còmhrag nam beum,
Mo shòlas an sìth an dèigh buaidh.
Mo ghuth mar aiteal a* dol suas 65
Air maduinn 's na ruaidh fo shèilg,
Og Fhillean cur a bhogh' air sheòl.
Cha 'n'eii an sealgair sin sa' bheinn,
'S e druideadh air leum nan ruadh.
C'uim tha siol bhriseadh nan sgiath 70
Cho fada so shìos fo dhùbhra ?"
'Nuair dhìrich ar ceum gus an triath,
A shùilean a' tionndadh ri shabh Mhòra,
Bha 'dheòir gu dlù a' dol sìos
Mu ghorm-shùileach òg nam fial chòmhradh. 75
Ghlan deahradh a mhùig-sa gu trian
Am fianuis sgiathan leathan a' chòmhraig.
" Feuch Cromall nan carraige fo chrann,
Cathair na gaoithe, 's an ceann fo cheò j
Air an cùlaobh ag iadhadh sa' ghleann 80
Tha Labha nan glan shruth, 's nam fiadh.
Tha còs an eudann dhonn na carraige,
X

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence