Skip to main content

‹‹‹ prev (316)

(318) next ›››

(317)
DUAN vr. TIGHMORA. 295
Mar ghrèin tha*n treun do mo thriall :
Tha e coimhead mo cheuma le sòias,
Gun fhaileas a' còmhnuidh m'a ghuùis.
Suas, Fhillein, gu Mòra nan tòrr; 150
TJia cuirm anns a' cheò sgaoilte.
" Oisein, thoir dhomh fèin mo sgiath,
Na h-ite tha ciar fo ghaoith :
Cuir iadsa mar ri Fillean, a thriath,
Gus nach caiU e ach trian d'a chhu. 155
Thrèin Oisein, tha laigs' orm fhèin j
Cuir mise fò bheud sa' chòs.
Na tog orm clacli anns a' bheinn
Eagal foineachd mu Fliillean ni 's mò.
Thuit mise ann mo cheud chath 160
Gun chhu is gun rath air mo laiun.
Biodh do ghuthsa a mhàin, a thriath,
'Na shòlas dom' anam 's e triall.
C'uim a bhiodh bard a' còmhradh
M' an dearrsa òg o chaoin Chlatho ?" 165
Bheil t'anam air fiaradh nan gaoth,
Oig Fhillein, a bhriseadh na sgiatha ?
Biodh sòlas a' leantuinn an laoich
Bo' fhilleadh gharbh nan ciar nial.
Tha samhla do mhòr shinns're, Fhillein, 170
An cruthan ag aomadh m' an sìol j
Tha mi faicinn an tein air an aonach,
Gorm sgaoile an ceò fo shìan
Mu Mhòra measg fiaradh na gaoith'.
Tachradh sòlas ri mo bhràthair. 1 75
Thrèig thusa na sàir 's iad fo bhròn.
Mu thimchioll na h-aoise tha 'n nàmhaid,
Chu a' gìoladh o airidh 's e 'n ceò :

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence