Skip to main content

‹‹‹ prev (315)

(317) next ›››

(316)
294. TIGHMORA, duan vi.
Bha 'g aomadh gu 'trian air mòr-shruth : 115
Chual e, 's e dorcha is fann :
An sin chunnaic mi thall an laoch.
C*uim a' sheasas an truscan do dhùbhra
Mac Shelma m' an dlùthadh a* choill' ?
An dealradh tha t'astar, mo bhràthair, 120
An liath raon nan sàr a bha treun.
Is fhada bha do strì, a thriath ;
Stoc Fhionnghail 'ga d' iarruidh sa' chruaich,
Gluais gu neulaibh t'athar fèin,
Gu 'chuirm air eudan nan sliabh. 125
An ceò an fheasgair suidhidh 'n righ
'S e cluinntinn guth cli na clàrsaich
O chaoin Charull a's fuaim'oire fonn :
Thoir sòlas do 'n aois, a chòrr thriath,
Fhir-bhriseadh nàn sgiath, bi falbh. 130
" 'N dthig sòlas mu lagaich, a thriath ?
Cha 'n'eil, Oisein, mo sgi^th leam fèin ;
Tha i briste is sgaoilt air an t-sliabh ;
Bhriseadh ite eoin riabliaich nan speur
Air mo cheàjin-bheirt fo bheum a' chòmhraig.
'Nuair a theicheas an nàmhaid gu dian, 136
Bi'dh aithriche thriath fo shòlas ;
Ach èirigh an osna gu 'trian,
'Nuair thèid gaisgich gu dith air chòmhnard.
Cha 'n fhaicear le Fillean an righ ; 140
C'uim a bhiodh e fo strì a' bhròin ?'*
Mhic Chlathò a's guirme sùil,
Og Fhillein, na dùisg mo chhabh.
Nach robh thu 'na d' theine gun mhùig,
'S nach bi sòlas as-ùr air thriath ? 145
Cha 'n'eil lìonadh do chliu dhomh fhèirì ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence