Skip to main content

‹‹‹ prev (109)

(111) next ›››

(110)
90 CALTHONN IS CAOLMHAL.
Ard shòlas a' lasadh mo chlèibhe ;
Labhair am mòr righ ri Oisian,
Air thoiseach am meadhon nan triath.
*' A ghath mo threunais," thuirt an righ,
** Shìol Fhionnghail, gu stri tog mo shleagh ; 155
Gabh gu Tuaid' nan sruth corrach o fhrìth ;
Tearuinn Colmar nan carbad is fleagh ;
Thigeadh do chhù-sa am fhianuis,
Mar aiteal dol sios anns a* ghleann,
Gus an èirich mo smuainte an iosal 160
Mu mo shìol, mu ùr-chhu nam beann.
Bi-sa, Oisein, mar ghailHnn an còmhrag,
Gu ciuin is gun mhòrchuis do naimhde ;
Mar so fèin ghlan an cliu dhomhsa ;
Bi-sa, Oisein, mar mhòr-thriath Shelma; 165
'Nuair thig dàna nam focala treuna
Gu talla nan teud, chrom mo shùile,
Tha mo ruighe a' sìneadh gu beuma,
'Nuair thig lagaich fo bheud am* ionnsuidh,
Mo chlaidheamh an còmhnuidh *g an dìon." 1 70
Ghluais sòlas o fhocail an righ ;
Chaidh mise gun strì fo armaibh ;
Ri mo thaobh ghluais Diaran nam frìth,
Is Deargo, ard righ nan gorm shleagh ;
Tri cheuda o òigridh nan gleann 175
An dèigh mo cheuma air a* mhagh,
Na coigrich a' triall ri m' thaobh.
Chuala Dunthahno am fuaim
O astar na cruaidh' gu 'thìr ;
Choimhthionail e neart na gann Tuaid : 180
Air tulaich sheas sluaigh gu strì,
Mar chanaige briste le torrunn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence