Skip to main content

‹‹‹ prev (108)

(110) next ›››

(109)
CALTHONN IS CAOLMHAL. «9
Is Colmar gun trian do shoillse ?
Cha teich — Thoir dhomh fèin do shleagh, 120
Shiol Làimhgheal nam fleagh fo dhàna ;
Bithidh Calthonn m' an cuairt do *bhràthair.'*
" Làn mhile triath" thuirt sgèimh na h-òigh%
Le*n sleaghaibh mòr mu chòir nan carbad :
Ciod a ni òg Chalthonn nan tòrr, 12.5
Am measg coimhthional slòigh an armaibh ?
Teicheamaid gu righ na mòir bheinn ;
Thig esa a nall le còmhrag ;
Tha 'ruighe a sgaoileadh air gach àm
Gu na truaigh tha 'n call an dòruinn ; 1 30
Mar dhealan mu lagaich tlia *lann.
Eirich, a shìol Rathmhoir nam beum ;
Siolaidhidh oidhche gun fheum o thriath ;
Eirich ; chi an là do cheum ;
Tuitidh an òige mòr threun nan sgiath." 135
Ghrad ghluais fo osna an triath,
A dheoir a' dol sìos mu Cholmar.
Thàinig e gu Selma nan sìan
Gun fhios da air sgèimh na h-òige.
Bha ceann-bheart air an eudan chaoin ; 140
Mhosgail brollach gu baoth fo chruaidh.
Theiring o ard sheilg an treun ;
Chunnas coigrich gun bheud 'na chòir,
Mar dhà dhearsa o shoillse speur,
An talla nan ceud shge còrr. 145
Chual' an righ sgeul bròin o Chluai ;
Chuir e 'shùile m'an cuairt le feirg.
Ghluais mìle mu chòmhrag na Tuaide
Leth-mhosgladh an cruaidh gun mheirg.
Thàinig mi le sleagh o shliabh, 150

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence