Skip to main content

‹‹‹ prev (39)

(41) next ›››

(40)
20 CATH LODUINK duan iii
An còmlirag nam blàr *s nan sgiath ;
Bha shòlas am bàs nan laoch ;
Fuil cho caoin ri sruth an t-samhraidh, -SS
'Nuair a bheir e o'n ard chraig f haoin
Aoibhneas nach baoth gu gleann cathair.
Thàinig e mach o Luthcormo
An coinneamh Chormain, an sonn treun,
Esan o Urlor nan sruth, 60
A thuine fo sgèith a* chòmhraig/'
Thàinig Corman 'na loingeas donn
Gu Gorm-mheall, mu *n iadh an tonn.
Chunnaic nighean Annir nam beum,
Fiona gun bheud nan làmh-geal : 65
Chunnaic e, 's cha b* fhaoin a sùil
Air maraich, bu dhubh-ghorm triall.
Dh'fhalbh i gu luing anns an oidhche,
Mar ghealach a' boillsgeadh ro* ghleann.
Ghabh Annir an cuan mòr fo cheann •> 70
Ghairm e gaoth neartor gu chrann.
Cha 'n ann leis fèin a bha *n laoch ;
Bha Starno, a mhac, ri thaobh.
Mar iolair Thorno fb òg sgiath
Thionndaidh mo shùil air an triath, 75
Thàinig sinn gu Urlor bheucach.
Le shhiagh ghhiaìs Corman, an treun f hear.
Bhuaii sinn, is thug an nàmliaid buaidh.
^Na f heirg sheas m* athair fo chruaidh ;
Ghearr e na badain le laìnn, 8o
'G an sgathadh fo ardan nach gann.
B' f hiadhaich is bu dhearg a shùil.
Chunnaic mi anam gu chùl.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence