Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
CATH LODUINN,
DUAN II.
" C' AiTE 'm bheil gaisgeach nàn triath ì"
Thuirt Dubh mhac Roinne nan sgiath donn.
" Co 'n neul a cheil anns an t-sUabh
Og dhearsa o Shelma nan tonn ?
An e an righ a chithear thall 5
Tighinn o charn fo sgèith na h-oidhche ?
Tha mhaduinn air Thoirne nan stuadh,
'S a* ghrian air a* chruaich an ceò.
Togaibh am f hianuis an sgiath,
Mhòir ghaisgich an triath a dh'fhalbh : 10
Cha tuit e mar thein air an t-sliabh,
Dorcha chìt' a thrian air làr.
Sud fèin e mar iolair nan speur,
A'tearnadh o bheinn sa' ghaoith ;
Tha faoibh a nàmhaid na làimh. 15
Bha m'anam, a righ, fo bhròn."
" Tha na naimhde teannadh r'ar làimh,
Mar stuaidh tigh'n anall fo cheò,
'Nuair a chithear fo chobhar an ceann
Thar smùid, nach 'eil gann, is scleò. 20

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence