Skip to main content

‹‹‹ prev (28)

(30) next ›››

(29)
DUAN I. CATH LODUINN, 9
Talla cònuidh nan triath ard.
Chunnaic airm Starno 'na làimh ;
Las sòlas an anam na h-òigh : 24«5
Chunnaic sgiath Shuarain r'a thaobh,
Is thionndaidh o cheannard an t-slòigh,
*' An do thuit thu aig do cheud sruth
A rùin ainnir nan ceud bròn ?'*
Uthorno a dh'èireas o uisge, 250
Air do thaobh tha dealain na h-oidhche.
Chi mi ghealach dubhach donn,
Am measg nan tonn, air chiìl do choill* 5
Ri d' mhullach tha Loduinn sna neoil,
Tigh mòr nan seòd a dh*aom o shean. 255
An ceann an talla chithear thall
Cruth Loduinn nan gorm lann ;
Chithear, mar f haileas an ceò,
'Dheas làmh an scleò air ni mar sgèith ;
'Lamh chH air slige nach faoin, 260
Slige sòlais nam mòr thriath.
An talla taibhs*, bu ghlaise snuadh,
Chìt* aisre dealain nan stuadh.
Chruinnich sìol Loduinn r*a chùlaobh,
Seoid as ùr, is suinn o shean, 265
Shìn esan an t-slige chùbhraidh
Dhoibhs* a shiubhladh gu còmhrag glan ;
Eadar e 's geilteara dh'èirich
An sgiath bhallach, bhearnach, dhonn,
Mar ghealach a* dubhadh sna speuraibh, 270
No tein-athair a' luidh air an tom.
Mar bhogha braoin air aghaidh stuadh
Thàinig òigh bu ghloine snuadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence