Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
DUAN I. CATH LODUINN. 7
Tribualadh clàrsaich nan triath an Sehna ;
Cha 'n 'eil a guth a' caoineadh air shabh, 1 80
Sinn a* tiomachadh rianih air fonn."
Shin an righ a cheum gun stad
Ro* dhuibhre nan ciar thom ; 185
Fhuair e craobh Loduinn gu grad,
'S i lùbadh fo osna gu troni ;
Tri clacha le còinnich ghlais,
Struthan cas a' ruith ri'n taobh ;
Os an cionn bha 'n teine dol as, 1 90
Cruth Loduinn an ceò 's an gaoith.
Bha tanas a* coimhead gu h-ard
Leth-dheante do dheathach *s do cheò.
Chluinnteadh guth briste le spairn,
'S toirm uild a* taoma o'n ord. I9.j
Ri taobh daraig gun duille san fliraoch
Chluinnt* a chòmhra ri laoich gun bhàigh,
Ri Suaran is Starno neo-chaoin,
Droch naimhde maraon do'n dàimh.
Dh'aom iad air sgiathaibh dubh-dhonn 200
Le sleaghaibh nan dorn gu teann ;
Fuaim gaoithe mu Starno nan long,
'S a dhubh fhalt a' taomadh m'a cheann.
Bhuail farum a cheum an cluas ;
Dh'èirich iad suas 'nan airm. 205
" Leag fear seachran na h-oidhche, Sliuarain,"
Labhair Starno 'na ardan mhòr ;
" Glac-sa sgiath t'athar a'd' làimh ;
Tha cruaidh raar charraig nan còs."
Thilg Suaran a shleagh gu grad ; 210

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence