Skip to main content

‹‹‹ prev (293)

(295) next ›››

(294)
à82
Mosglaibh uile gach treun-laochy
'S bithibh gleusda mar a b' àbhaist ;
Mur thràillean na deanaibh geiUeadh,
Piìad 's bhios fuil n-ur fèithean blàth ;
Chuala* mi a bhi leughadh,
Bharr air Reumair, ioma fàigh,
Gu bheil curainean aig Sèumus,
Ni treubhantas an deigh bhi marbh.
Mosglaibh uile, gach duine,
Anns a chumasg bithibh garg ;
Deòrs a's Uilleam rinn ar guineadb,
Sud na cuileinean gun dealbh ;
Choidhch cha toir a chràin na 'n cullach,
Am feasd buinig as ur n arm ;
'S fuadaichibh a mhuc le gusgalj
Marr-ri h-uirceinean tb' air fairg.
'N Righ ga dhiodainn a's a dhislean,
Air an fhior-fhuil gu *n robh sealbh ;
Air crun Alba o hnn Raibeart,
A reir na 'n eachdrain is fearr;
Bidh cinn-fheadhnaidh 's iad gu greadhnachj
Feadh do theaghlaich 'sa JVhìte-HaU^
Mur bhalla praise mu 'n cuairt duit,
Cabhiach cruadalach air sail.
'Nuair a theid an crun mu n òigeir,
'S lionmhor Mor-fhear bhios mu d' shàil;
Seanalairean le 'n campa *n ordugh,
'S iad gun sgur ag ol do shlaint;
Gloineachean ga 'n honadh 's bòlaibii,
Le fion or-chostach na spainnt,
S iad ga 'n aiseag sios air bordaibh,
Measg an t-sloigh o laimh gu laimh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence