Skip to main content

‹‹‹ prev (292)

(294) next ›››

(293)
281
Oran le fear lonmhurchadain ann an Raineach.
Fonn. — Mile marbhaisg air an t-saoghal,
'S cafach baoghalach a dhail, &c.
Acn na 'n d' thigeadh Tearlach Stiùbhàrt,
Leis gu sunndach bhimid falbh ;
Dh' eireadh ar cridhe 's ar tiunnsgal,
Mar >sa bhurn am bradan ban ;
Cha 'n eil gearasdan *sa 'n dùthaich,
Nach biodh ciùirte dheth gun dail ;
'S bhimid paighte anns a phUmndrainn
'S anns an rusgadh rinn na Caim *
Tha choir air leaghadh anns tla crìochan,
'S tha i iosal uile 'n drasd ;
Sinn g' ar leònadh aig na biasdan,
Leis 'm bu mhiann ar slugadh slan ;
Ach 'nuair ruisgear riu na h-iaruinn,
Tha fo 's 'n iosal feadh na 'n carn,
Bidh ar cornaibh air an honadh,
'S bidh iadsan sianail thun a bhais.
Àch 's leir a ièus air Cianna' Ghaidhealj
A PharUimaid so tha g'a 'n cradh ;
Gun airm, gun eideadh, gunn earrlaid ;
Gun a chearbag theid mu 'm màs ;
Ged rinn dioghaUas ar tearbadh,
*S earbasach mi gu bheil e 'n dan ;
Gu 'm bi sinn an uachdar le 'r feara-ghniomh,
'S dearganaich fo chis na 'n cnamh.
The Catnpbells burnt his dwelling-house.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence