Skip to main content

‹‹‹ prev (161)

(163) next ›››

(162)
150
Och na 'n och ! 's mi fo sprochd,
'S mi 'n so ag osnaich leam fein,
'G amharc reismeid an Rosaich,
'G ithe fèur agus cruineachd an fhuìnn ;
Reothaich iargalt a's Cataich,
Tighin a nall oirnn le luchd chasag a's lonn,
lad mur mhiolchoin air acras,
Siubhal chrioch, charn chlach, agus tholl.
■Mo chreach duthaich air an d' thaìnig,
Rinn sibh nis clar reidh dh'i cho lom,
Gun choirce gun ghnaiseach,
Gun siol taght' ann am fasach na »m fonn,
Prìs na circ air an spardan,
Gu ruig a's na spàinean thoirt uainn,
Ach sgrios na craoibhe f'a blath oirbh,
Air a crionadh fa barr gu a bonn.
Tha ar cinn fo 'n choill,
'S eiginn beanntain a's gleanntain thoirt oimn,
Sinn gun sugradh gun mhacnus,
Gun eisdeachd ri binneas no ceol,
Air bheag bìdh no teme,
Air na stucan air am bi an ceo,
Mur chomhachaig eile,
Ag eisdeachd ri deireas gach lò.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence