Skip to main content

‹‹‹ prev (160)

(162) next ›››

(161)
- 149
Fhuair na GaiU sinn fo 'n casan^
'S mor a naire 'sa masladh sud leinn,
'N deigh ar duthcha 's ar 'n aite,
A spìiiìleadh 's gun bhlaths againn ann ;
Caisteal Dhuinidh 'n deigh a losgaidh,
'S e na laraich thursach gun mhiagh ;
Gu 'm b'e 'n caochla' goirt e,
Gu 'n do chaiU sinn gach sochair a b' fhiach*
Cha do shaoil le mo shùilean,
Gu 'm biodh gach cììis mur a tha,
Mur sputadh na 'm faoilleach,
'N am na 'n luidhean a sgaoileadh air blar ;
Thug a chuibhle car tionndaidh,
'S tha ioma fear aime-cheart an càs ;
A Righ seall le do chaoimhneas,
Air na fir th' aig na naimhdean an sàs.
'S mor eucoir 'n luchd orduigh,
An fhuil ud a dhortadh le foill ;
Mo sheachd mallachd a Mhoir-fhear Deorsa,
Fhuair e 'n lath' ud air ordugh dha fein ;
Bha 'n da chuid air a mheoiribh,
Moran gìogan gun trocair le foiU ;
Mheall e sinne le chomhra',
'S gu ni robh ar barail ro mhor air r'a linn.
Ach fhad 'sa 's beo sinn r'ar latha,
Bidh sinn caoidh na ceathairn chaidh dhinn,
Na fir threubhach bha sgairteil,
Dheanadh feum le claidhe 's le sgiath ;
Mur biodh siontain n' ar n' aghai,
Bha sinn shios air ar n ' aghairt ga dian,
'S bhiodh hichd beurla na 'n luidhe,
Ton thair cheann, b'e sud m' aidhear *s mo mhiann.
K 3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence