Skip to main content

‹‹‹ prev (56)

(58) next ›››

(57)
45
Gur h-ioma oganach sgaiteach,
Lub bbachlach, sgiath chrom ;
Eidear drochaid Allt Kire,
'S Rugba Shleibhte na 'n tonn ;
A dheanadh leat eiridh
Mu*ni biodh do chreuchdan lan tholl;
'Sa rachadh bras ann a t-eirig,
Dheagh Shir Sheimis na 'n long.
Chuir Dia oirnn craobh shiochaint,
Bha da 'r dionadh gu leoir ;
Da 'm bu choir dhuinn bhi striochdadh,
Fhad *sa 'n cian bhiodh-mid beò ;
Ma sinn fhein a chuir dith oirr',
B' olc an dioladh sin oirnn ;
Tuitidh tuagh as na Flaitheas,
Leis an sgathar na meoir.
»N glan fhiuran so bh* againn,
'N taobh so Fhlaitheas Mhic De;
Thainig sgiursadh a bhais air,
ChaiU sinn thoirt le strachd geur ;
'N t-aon f hiuran a b' aihidh,
Bh* ann 'sa phairce 'n robh speis ;
Mur gu 'm buaineadh sibh ailein,
Le faladair geur.
Tha Honn-dubh air mo bhualadh,
'N taobh tuathal mo chleibh ;
'S mu mhaireas e buan ann,
B' f hearr leam uam e mur chèud :
Gar an d' theid mi g'a innse,
Tha mi cinnteach a* m' sgeul ;
Luchd dheanadh na sithne,
Bhi feadh na tire gun deigh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence