Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
50
Sibh gu sasta cilleineach ;
"N taobh muigh do ^n bhrataich Shàilich,
Gu 'n d' thag sibh air Sliabh 'n t-Siorram i.
Gun tigh 'n air fine sonruicht ;
Tha ioma seorsa bharrachd orra,
Thall 'sa bhos 'san Rioghachd,
Leis nach b' fhiìi dol an coimeas riu ;
Tha Tighearnan an taobh so,
Gu 'm faodainn dhol am baranntas ;
A nochdadh ruibh an aodainn,
Ged tha sibh daonach fearunnach.
Tha iad gu meargant, feargaidh, feargach,
Dana gu garbh guinideach,
Ri uchd naimhdean 'n am adbhansa,
Ceannsgalach, cruaidh, curanta,
lad mur dheanndubh laidir neimhneach ;
Sunndach an cas fuileachais ;
Mur thoirreann eas le beanntaibh,
Gù 'n cluinnte foirm 'ur gunnaichean.
Ach cuiridh mis thu 'n cuimhne,
A's cluinn mi le faighidinn ;
Na chuireadh thu sa 'n tuimhnich,
Ge bruidhneach ro labhar thu;
'N cual thu la Uillt Eire,
Bu cheiteill cinne t-athar ann,
Gu 'n d' fhuair sibh ann dèuchainn,
O 'n dream nach èuradh fhathasd sibh.
Ghabh sibh maoim an aird an t-sleibhe,
Bachd an fheidh cha ghabhadh sibh,
Air bheag feum an cas Righ Searlais,
Lomlan oiUt a's gealtrais ;
Ghuil na speuran, sgeith na reultan,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence