Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
29
Gad a dh' aontaich do theanga leat ;
Na chruinnicheadh am porr ud,
Sàr bhocain nuair chreanaicht iad.
Cha 'n eireadh leat fìr Shleibhte,
'S na'n eireadh b' e 'm breamas e,
Le 'n aigne uasail uaibhrich
Gu tuaireap nuair chreanaicht iad ;
Le 'n oigridh sgairteil ghruamach,
Co luath ris an dealanaich ;
Gu 'n sgoilteadh iad Triath Shiophort
i\n latha strith no fionnachais.
Cha 'n fhaod mi sheachnadh 'àa. 'n dol seachad,
Gun a ghlacadh farasda,
Cail a mharcuais air sgath facail,
"S lagh ceart na mhearachd leis ;
Ag coimeas Shiophorl ri neart Rioghachd,
Ann an gniomh no 'm fearachas ;
Le ar leanmhuinn bhuig gun eolas,
A's moran d' i ro ain-eolach.
Ach ar leam fhein gur gorach
A dh' fhogradh Mac Ailein leibh,
'S gur sgeul e chaidh o cho'strith
Gur conspunn air aineol e,
Le a chinne honar laidir,
'S iad dhasan cho charthannach ;
*Na 'm faiceadh sibh air blar iad,
Bu nar dhuibh comh tharruing ris.
Ach c' aite 'n cualas riamh 'ur cruadal,
Ged tha sibh na 'r sluagh iomadai,
Le 'r feachd tuathach 's iad neo bhuadhar,
'S gainne crua's no giorrag leo ;
Ged tha sibh laidir, lionar làsdail,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence