Skip to main content

‹‹‹ prev (25)

(27) next ›››

(26)
24
Oir ciod e neamh ach naomhachd neo-chrioch-
nach, ach aoibhneas ann an iomlaineachd ?
Ach a chionn gu bheil an Creideach air a
shàbhaladh o mhallachadh an lagha, bheil e air
an aobhar sin air a shàbhaladh o ùmhlachd do'n
lagh ? Ma bha e fo f hiachaibh ùmhiachd iomlan
a thoirt do 'n lagh f had sa bha e fo dhìte, am
bheil e air a shaoradh o'n cheangal so a chionn
gu bheil e air a dheanamh rèidh ri Dia trid fuil
a chroinn-cheusaidh ? Na 'm biodh soisgeul
ann bhiodh a' teagasg so, dh' fheudamaid a
ràdh le dànadas, nach d' thainig e o Dhia.
Nam biodh duine air a dhiteadh gu bàs le lagh
a dhùthacha, agus gu 'n sàbhaladh an Righ e o'n
chroich, an abradli e ris, shaor mise thu o dhìt-
eadh an lagha, cha 'n eil thu nis faide ceangailte
ris, feudaidh tu ni? do thoil a dheanamh? Air
chinnte cha labhradh Righ tahnhaidh sam bith
mar so. Gidheadh 'sann mar so, a rèir a choslais
ata mòran a' smuaineachadh mu Ard Righ nan
sluagh. Tha lagh lehobhah neo-chaochlaideach
a thaobh naomhachd, agus ceartas, agus air an
aobhar sin, cha' n urrainn atharrachadh àite,
no ni, na fìachaibh tha gach creatuir reusanta
fodha dha, gu bràth a thoirt air falbh.
IV. Ach a rìs : tha fulangais Chriosd nam
brosnachadh cumhachdach a chum naomhaclid,
do bhri 's gu'r ann air an t-seòl so a dh' oibrich
easan amach slainte d'a phobull. Ann an so,
deir an Creideach, tha mi a faicinn mo staid

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence