Skip to main content

‹‹‹ prev (24)

(26) next ›››

(25)
23
ro-chumhachtlacli a chum naomhachd, do bhrì'
's su bheil naomhachd, accus ceartas lehobhah
air an taisbeanadh annta. Cha do dhealraich na
buaidhean sin riabh co glòrmhor is ann an so.
Nach f iieud sinn air an aobhar sin smuaineachadli
gu *m bi an taisbeanadh uamhasach so, na
dhearbhadli sorruidh do gach dùil air feadh a
Chruthachaidh, air rìm neo-chaochlaideach an
Tighearna, onoir uachdranachd a sheasamh, agus
a mheudachadh ? Ach ma tha so fior a thaobh
a chruinne-che, nach eiginn da gu h-àraidh loirt
air a mhuinntir ata air an sàbhaladh leis, a
ràdh, leis an irioslachd is mò, " Co *s urrainn
seasamh an làthair an Tighearna Dia naomha
so ? Oir is teine dian-loisgeach air Dia-ne."
Tha *m foiUseachadh so air naomhachd Dhe
'gan teagasg gu bheil a lagh roleathann, gubheil
e ruigheachd a chridhe, agus air an aobhar sin
nach bith feòil air bith air a fìreanachadh 'na
f hianuis trìd a h-oibribh. 'Se 'n sealladh so, a
dh* irioslaicheas am peacach, a bheir air eigh-
each airson tròcair, agus gairdeachas a dheanamh
anns an t-seòl air a bheil e air a thoirt seachad.
'Se so tha toirt air Criosd a bhi co luachmhòr
do'n clireideach, tha toirt air naomhachadh a
bhi co mòr air iarruidh leis, agus ata ga' bhros-
nachadii achumfaire a dheanamh air smuaintean
a chridhe, agus toradh a chaithe-beatha. 'Se so
tha toirt air sgrios a pheacaidh a mhiannachadh,
agus amharc air neamh mar an sonas is àirde.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence