Skip to main content

‹‹‹ prev (14)

(16) next ›››

(15)
13
nach a tha aig Dia do'n pheacadh. Tha eadhon
iad sin, a' cnir an cdill le fnaim ni's àirde agns
ni's eagallaich na toirm na trompaid air Sliahh Shi-
nai, nach urrainn do "Dhia amharc airpeacadh,"
nach " seas an t-amadan na làthair," agus gu'r
"fuath leis uile hichd deanamh na h-ea-corach."
Gidheadh, tha na comharain sin, uamhasach mar
ata iad, mar gu 'm b'ann a' dol as an t-sealladh ;
'n uair a bheachdaicheas sinn air an dioghaltas
shiorruidh, ata air a ghabhail air peacadh ann an
ionad na truaighe. " Olaidh" iadsan '' do
f hion fheirg Dhe a ta air a dhòrtadh gun mheas-
gadh, ann an cupan fheirge-san, agus bithidh iad
air am pianadh le teine, agus pronnusc : agus
bithidh deatach am pein-san ag èirigh suas gu
saoghal nan saoghal : agus ni'm bheil aca fois à
là no dh' oidhche." Ach ge do bhiodh slochd
an dubh-aigein fosgailte do'r sealladh, agus leir-
sgrios e fein na uile uamhas air a chuir fa chomh-
air ar sùl, cha b' urradh dhuinn fhaicinn, eadhon
an sin, foillseachadh co soilleir air ceartas De is
ata « air a thaisbeanadh ann am fulangais Chriosd.
Ged' bhiodh clann nan daoine gu h-iomlan air an
toirt thairis a chum sgrios, maille ris gach aingeal
a tha sealbheachadh na neamha, seadh, ged' a
bhiodh e comasach, gu 'n sèideadh Dia osag a
bhàis air feadh a chruinne-che gu h-iomlan, cha
taisbeanadh so uile air seol co uamhasach, agus
co eiseimpleireach, naomhachd, agus ceartas
lehobhah, 'sa 'ta na buaidhean sin a' dealradh
ann am bàs a Mhic.
Meud fulangais Chriosd cha ghabh gu bràth
cuir an cèill. Meud a phein ro-iarguineach,
cha 'n urradh eadhon do'n mhuinntir a tha fulang

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence