Skip to main content

‹‹‹ prev (13)

(15) next ›››

(14)
12
agus maitheanas peacaidh a thoirt seachad. Cho-
oibrich gloir a phearsa, agiis mòrachd, agus
naomhachd a nàduir, a chum èifeachd iomlan,
agus shiorruidh a thoirt da iobairt. " Air an aobh-
ar sin, cha'n eil a "nis, dìteadh sam bith do'n
dream sin ata ann an losa Criosd ; ata gluasad ni
h-ann a reir na feola, ach a reir an Spioraid. Cò
chuireas coire sam bith a leith daoine taghta
Dhe ? 'Se Dia ata fireanachadh : Cò a dhiteas ?
'Se Criosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fos, a
dh' èirich a ris, agus a ta air deis laimh Dhe,
neach mar an ceudna a ta deanamh eadar-ghuidhe
air arson-ne."
III. A ris : thaisbean Criosd le fhulangais air
an doigh bu shoilleire is bu ghlormhoire naomh-
achd, agus ceartas lehobhah. Gun amharus
thaisbean an Tighearna gu minic na buaidhean
sin roimhe so. " Cha do chaomhainn e na h-
aingil a pheacaich, ach air dha an tilgeadh sios
do ifrinn, thug e thairis iad chum bhi air an
, coimhead ann an slabhraldhibh dorchadais, fa
chomhair breitheanais." Bha 'n duine mar an
ceudna an deigh dha peacachadh, air a thilgeadh
a mach o làithreachd an Tighearna. Araon so
tha'n talamh air a mhallachadh, agus air an aobhar
sin, tha e air a chòmhdachadh le droighionn,
agus drisean ; tha gach aimhreite, ea-slainte, agus
truaigh air a thoirt a steach a chum an t-saoghail ;
" tha 'n duine air a ghintiu a chum àmhghar,
mar a dhìreas na srada suas ; tha Sodom agus
Gomorrha air an sgrios le teine o neamh, agus
air an cuir suas 'nam ball-sampuill, a' fulang
diochaltais teine shiorruidh." Tha iad sin uile a'
dearbhadh au h-uamhasach am fuath neo-chrioch-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence