Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
19
'S ged (Ihiùlt thu mi, Anna bhàn,
Cha d' fhuair thu fathast cèile !
Tha thu ladhach 's tha thu fòil,
'S tu cho mìn ri bàrr an f heòir,
Ach, O ! tha 'n tubaist ort le pròis,
Ged tha do bheòlaint èiginn.
Bh' fhearr dhut a bhi 'n leaba bhlàth,
'S cuilidh pailt bhi air do sgàth,
Xa feitheamh ris an f hleasgach bhàth
Nach fhios gu bràth an lèur dhut.
Comhairle gabh uam 's an uair,
Ris an ath fhear na bi fuar,
No bi'dh tu d' athann aig an t-sluagh,
'S gu'n gabh do chluasan dèireach.
A nis o'n chuir thu riumsa cùl,
Geda chuir mi annad dùil,
Gu'n toir mi sgrìob air feadh na dùch',
'S cha chùis mur faigh mi t'èile.
Tha cruinneag òg taobh shios a' chaoil,
'S bi'dh i deònach, bhi ri m' thaobh,
Ach, geda dhiùltadh i à gaol,
Gu'm bithinn faoin mu d' dhèibhinns'.
Oir dhiìilt thu mi, Anna bhàn,
Ged thug mi gràdh ro bharrach dhut,
'S ged dhiùlt thu mi, bhanasgal,
Cha d' fhuair thu fathast cèile !
I. M. D.
12.— AM FONN.
Fonii — " An nochd giir faoin mo chadal dhomh."
O ! siD am fonn a chuala mi
An uair a bha mi òg,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence