Skip to main content

‹‹‹ prev (21)

(23) next ›››

(22)
18
Fonn — " Mo mhùirnin dileas.^^
ToGAM dàn air an òighe a's bò'iche 's a's àillidh',
A's lìomharra còmhradh 's a's còmhnairde gnàth ;
Tha à snuagh mar an neòinean, 's à pòg mar shuth gàraidh,
B'e 'n t-aoibhneas leam caoineas na maidinne 's àillt'.
Tha fòghlum 'us stuaime 'nà gluasad 's 'nà cànan,
Tha àillteachd u's su'ailce 'nà gruaidh chuimir nàraich ;
Tha ciùine, mar dhriùchd tigh'n gu dlù as na h-àrdaibh,
'Nà h-ùrla ghloin, ìiir, o am mùirniche fàilt'.
Tha à dèud geal, mar èiteig, 's e re'ith 's a' bheul àluinn,
O'n èisdear, le h-eibhneas, mar thèud-cheòl na dàin ;
Tha à cuailean 'na dhualagaibh cuach-bhuidhe fàinneach,
'S à caoin-bhruinne cuannda mar chuan-eala 'snàmh.
A sùil ghorm gunbhruaidlean mar f huarannan àrd-bheann,
'S an lèughar à smuaintean gun du'ailc', mar 'an sgàthan ;
Gachbuaidh'thariutfuaightechaluaidheargubràthleam, —
'Stu Ban-righ nam buadh 'am measg ghruagach an àil !
Ged 's e'ibhinn bhi 'g e'isdeachd ri te'is nam bìnn-chlàrsach,
Ged 's e'ibhneach an Fhcil mar ri Eud nan deal chàird' ;
Gu'n treiginn gu le'ir iad, 's g'un leumainn a mhànran
Ri m' èudail — leinn fein anns a' gheug-choille fhàis ;
B'e 'n sòlas ar còmhradh — gun dò-bheairt — ge bàigheil —
Bhiodh d' fhoillsichean maidionnail 'boillsgeadh 'ad
àbhachd,
Bhiodh d' ìnntinn, 'nà h-uaillse, 'strì buaidh thoirt air d'
àilleachd,
Is d' ìnntinn 's do thuar — fada shuas os ceann chàich.
Abrach.
11.— AN EURADH GHOGAIDEACH.
Fonn — " 'S ccutach a' chailc dhìibh."
Dhiult thu mi, Anna bhàn,
Ged thug mi gràdh ro bharràch dhut.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence