Skip to main content

‹‹‹ prev (11)

(13) next ›››

(12)
3.— TEICH DO'N FHASACH.
Fonn — " Fly to the Dcscrt."
Ise. O ! TEICH do'n fhàsacb, teich leam fe'in,
Ar bothain thàir cha 'n fhiù do spèis,
Ach, O ! nach anns' am bothan caoil
Le gràdh, na àros àiU, gu'n ghaol ?
Ge doirbh 's an fhàsach colg nan creag,
Tha 'n t-sòbhrach bhàn a' fàs 's gach leid ;
Cha lugh'id à snuagh gur h-anns' a' ghleann,
'An lagan uaignidh, 'thog i 'ceann.
O ! fuinn gu'n cluinn sinn, 's sùilean chì,
'Ghrad-shaighdeas ùr-ghath rùin 's a' chrìdh',
Ceart mar gu'n d' f huair an t-anam stòr
'S an uair sin, air 'n robh riabh a thòir !
Ceart mar gu'n robh na sùilean tlàtli,
'S na bilean cùbhraldh do 'm bu dàn
Ar n-osnaidh-ghaoil gu leir, nar làth'ir
Gu riochdail, lèursainneach gu bràth.
Mar sin, gach gath o d' shùil, 's gach fonn
O d' bheul, air tùs gu'n dhrùigh orm trom ;
Gu h-ùr, 's ged b' ann à saoghail chian,
Ach ionmhuinn, 's geda b'eòl dhomh riabh.
Teich leam, ma ta ; mur d' f hàg thu 'd dlieigh
Te'ile 'f huair do ghràdh gu le'ir ;
Car foill mur d' imir thu air Liiig
Do'n 'bhòidich thu gu bràth do siie'is.
Thig leam, ma tha do ghaol glan, ùr,
lon mar mo ghaolsa, saor o ghrùid —
Ur, mar uisg' an fhuarain bheò
Air chruaich nan ru adhag, tùs an lò.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence