Skip to main content

‹‹‹ prev (10)

(12) next ›››

(11)
Fear idir cha-n fhaic mi le 'n c^utach mi,
Ged bhios mi, gach uair,
'S an deise a's uaisle
Gheibh mi 's Taobh-tuath 'g am sgeudachadh.
'S ged theid mi gu bainis
Na fir cha dean m' f harraid,
Ged bhios mi ro bhanalta be'usachail ;
'S 'nuair chi mi fear tlàth,
Ged ni mi ris gàir',
Cha nochd e dhomh càir a dhe'udaiche '.
Gur mi bhios fo aimheal
'Bhi faicinn nan caileag,
'S na fir dol 'nan carabh gu ple'ideiseach, —
Ri briotalas caoin
Ri gillean an gaoil, —
Is mise 'am aonar — èisleineach,
Cha-n urrainn mi thuigsinn,
(Mur d' rinneadh dhomh buitseachd)
Ciod chùm iad o ruigsinn gu re'iteach rium,
'S nach d' ràinig mi aois
'Chuir smalaich air m' aoigh,
'S nach urrainn an Saoghal be'um thoirt dhomh ?
Cha-n uireasabh oilein
No ionnsachaidh eile
A's deireas nach eileas 'an de'igh orm,
Ach tuaireasge\il sgleò
'Thog Anna nan cnò
Gu'n robh mi treis mòr 'us Eirionnach !
O ! 's truagh 'bhi gun leannan ! —
Gu'm b' fhearr 'bhi gun anail,
Na laidhe fo sgainnil nam bèurradair ! —
Gu'm falbh mi gun dàil
'An coinneamh mo dhàin,
'S cha till mi gu bràth gun chSiV agam !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence