Skip to main content

‹‹‹ prev (231)

(233) next ›››

(232)
m
'S cha bu tais e mur dhiùnlaoch ; '■ r^)
'Nuair a theich na bha aige,
'Sa sgap iad gach aon-taobh,
Sin 'nuair mhearsail an gaisgeach,
Le chomhlan ghasda g' a ionnsaidli. ' .f
Tha thu shliochd na 'm fear gasda,
Bha 'm baiteal Chath Gairbheach,
Rinn tiomna gun taise,
Agus gaisgeadh le 'n armaibh,
■Nuair thog iad corp Eachuinn,
O chasan an naimhdean,
Air an tuaghannaibh sgaiteach,
G'a ghiùlan dachaidh roimh n Ghalldachd.
'Nuair a spreigte piob mhbr leat,
'S tbu cuir an ordugh do bhrataich,
'S thu togradh gu comhruig,
phol an còmhail na 'm marcach,
'Nuair a ruisgeadh tu spòlta,
Nach robh lodail ri fhaicinn,
Cha bu shlachdan aig oinnsich,
Claidhe mor thoirt,do 'n ghaisgeach.
'S math thig boineid le fabhar,
Air cul fainneach donn socair,
Dol an coinneadh do namhaid,
Air falair ard na sàr choiseachd,
Cha b' e fuath Mhic a Mhàili, '
Fear do ghnath na do choltais,
'N am suidhe 's tigh thairne,
'S tu gu 'm paigheadh na botail..
'S na 'm biodh Uilleam * a's tù,
* Duke of Brunswick.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence