Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
17
Ghluaiseadh Murcha na Maigh-e,
'S Mac 'llleain na 'n roiseol,
Mac Eoghain 's Mac Eachuinn,
O Shiol Airceig a's Lochaidh,
Och'mo thruaigh do bhrathair !
'S i do mhathairse brònag.
Ach a Thì leig an sgrios oirnn,
'S ann tha sin air a sgriobhadh,
Na crainn mhor air am bristeadh,
Mu na dh' fhiosraicheadh dhinn iad ;
Na crainn mhor air am bristeadh, '
Thug dhinn ar 'n iteach 's ar lìnnidh,
Thuit a phairc an robh 'n t-abhull ;
'S fhrois an snothuch bu phrìseil.
'S mi mur Oisein na 'r diaidh,
O 'n rinneadh tagha na 'n càor oirbh,
'S gach aon mur a b' f hearr dhiu,
Thugadh iad as an t-saoghal :
O 'n 's e Criosda ghabh toirt dibh,
'Sa dli' fhag goirt-cheannach daor sinn,
Righ thoir maitheanas dhùinne,
Bhi ga 'r 'n iondraichin daonnan.
'S 00 a nis na bheil ann diu,
O 'n dh' fhaibh sibh oirnn mur an raineach,
Fhrois ubhlan a ghàraidh,
Gus an d' fhagadh e falamh ;
'S ann tha 'n t-oighre air fògradh,
'S e gun seol aig air fantail ;
Och a mhoire mo leònadh,
Chuir do chòir aig Mac Cailein.
'S tric gach aon neach a faighneachd,
Ciod e t-aois a nigh'n Lachuinn,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence