Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
[ 20 ]
bu dual dhaibh. " Guil gu h-ard, a chraobh
ghiuthas, oir thuit an seudar ; oir tha iadsan a b'
airde air am milleadh." Cha mhisde sinn a bith
'gul, 's a' gul gu goirt, oir thuit iadsan a bha na 'n
sgaile agus na 'm fasgadh agus na 'm maise do thir
an duthchais. Tuitidh an seudar, ach nach fhada
gus an cinn seudar eile 'na aite a bhitheas 'na
dhion agus 'na fhasgadh 's an latha neulach agus
dhorcha. Agus nach fhada gus an lionar na
glinn le fior ghaisgich nam Beann leis am b'annsa
bas na cuing — am fas iad gu brath tuilleadh mar
an lilidh 's na glinn ? an tilg iad am mach am
freumhan ? an sgaoil iad an geugan mar Lebanon
nan crann ?
Thuit Feachd-cheannard nan Gaidheal, mu 'm
faodainn a bhith 'g radh an ni a chaidh a radh
air carragh-cuimhne a' Ghaidheil urramaichte
Triath Ghart — " Bha a bhas 'na chall mor do 'n
rioghachd uile, ach gu h-araidh d' a dhuthaich
fein, " Tir nam Beann." B' fhear e nach do chuir
a chul riamh ri 'charaid no ri 'namhaid." Thuit
Triath Niddrie, seudar ard, a bha air a shuidh-
eachadh ann an taigh an Tighearna — a thainig fo
bhlath ann an cuirtibh ar De-ne," a chionn gu 'm
b' i Eaglais a thir dhuthchais taigh a chridhe 's a
ghraidh — an taigh naomh agus aluinn 's an d'
rinn ar n-athraichean aoradh ; agus bha esan innte
mar chraoibh air a suidheachadh ri taobh nan
uisgeachan, a sgaoileas am mach ri taobh an
t-sruth, agus nach mothaich c'uin a thig tart."
Thuit iomadh craobh ard a bharr airsan,
iomadh craobh uaine ! agus tha am fuigheall so

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence