Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
[ 19 ]
O chaomh-thir an graidh,
O d' thraigh 's iad ag imeachd,
Och cha till, cha till,
Och cha till sinn tuilleadh.
Dh' fhag iad tlr an graidh, tlr an duchais, le
cridhe craiteach, goirt Ach shior ghuidh iad air
son sith agus sonas agus saorsa an tir dhuchais,
agus chuimhnich iad le bron oirre, agus air na
cairdean nach 'eil beo na 's f haide 's na glinn. Bha
an lamh agus an claidheamh agus an cruadal
riamh deas aig an gairm. Bha iad 'nan gaisgich
air taobh Righ agus Ban-righ, agus Prionnsa.
Bha an lamh dheas riamh seolta a dhion an sith
agus an saorsa — deas a chum bais no chum
beatha. Cha do dhichuimhnich iad fathast, agus
tha mi 'n dochas nach dichuimhnich iad gu brath,
an gaol duthchadh. " Is mairg a chuireas air
chul a dhuthalch fein." " Theid duthchas an
aghaidh nan creag."
Agus ged a tha iomadh cridhe briste an diugh
ann an Albainn, ged a tha iomadh suil a' sileadh
nan deur, ged a tha iomadh teaghlach fo thuirse
ann an Tir nam Beann ; oir tha sinn a' cluinntinn
sgeul bronach :
Nuallan ard na piob-mhoir,
'Cluich marbhrann an fhilidh,
Agus dearbh-bhrat a' bhais
Mar fhalluing aig' uime.
Thuit na gaisgich threuna agus chumhachdach
ann an " airde an gloir 's am moralachd, 's am
buillsgein dian a* bhlair ! " Thuit maise an
t-sluaigh ! Thuit iad an guaillibh a cheile mar

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence