Skip to main content

‹‹‹ prev (192)

(194) next ›››

(193)
nan cleas ag amas air cloigh. Am feadh a bha
na Muilich a' deanamh an gnothaich, agus a' cur
seachad beagan nine as a dheigh sin ann an
Tigh-an-triiibhais a' feitheamh an t-siùil-mhara,
thàinig mo laochan a nuas, agns an deigh dlia
tumadh a thoirt anns an t-sàile, laidh e maol-
marbh am measg na feamnach airantràig]i,goirid
blio 'n àite anns an robli am bàta ceangailte aig
na feara. An ceann greis tbàinig na Muilich a
nuas thun a' bhàta ; leum iad uile a stigh ach am
fear a bha i"i a leigeil mar sgaoil ; agus direacli
an uair a bha e 'dol ga 'fuasgladh faicidh e an
sionnach na 'laidhe, mar shaoil esan, na 'chlos-
aich mhairl)]i. " Fhir a th' ann," ars' esan, agus
e ga 'thogail air chasan-deiridh, " nach ann ortsa
a tJiàinig an da latha an uair is ann am measg
feamainn agus anabas a' chhidaich a fhuair thu
do leaba-bhàÌR ! C àite an robh do chuilbheai'tan
agus do chleasan an latlia a tbàinig an caranih so
ort? Co dhuibh a b' urchair no abhag a thug
gus a' so thu Ì no an deachaidh do bhàthadh agus
do thilgeadh a stagh an so air bhàrr nan tonn ?
Cha bu cheàrr a chaidh am port so ainmeachadh,
' Port-nam-mèirleach,' ged nach biodh ann ach
gu 'n d' fhuaradh do chlosach-sa air tir ann. Ach
tha do mhèirle thairis ; cha ghoid thu cearc no
caora tuille ; bheir sinn leinn thu gu fearann a
bha thuige so saor o d' sheorsa, agus tha dòchas
agam a bhios ; llonaidh sinn do chi-aicionn h\n
cònlaich an àite sìthne mar b' àbhaist, agus cuir-
idh sinn ad sheasamh tlm ad bhòcan a chumail
nan cearc as a ghàradh." Le so a ràdh, thilg e
an sionnach a stigh ann an toiseach na geohi agus
an ropa-toisich air a mhuin, agus phut e air falbh i.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence