Skip to main content

‹‹‹ prev (191)

(193) next ›››

(192)
176
niu dheireadh gu 'n d' fhàs e gu tur sgith d'a
bheatha anns an eilean, agus chuir e roimlie, na 'n
gabhadh seòl no doigh deanamli, gu 'n rachadh
e thairis do'n Eilean Mhuileach a liha a' sineadh
sios m'a choinnimli, ach a bha iomadli mile uaith
anus an àirde 'n iar. Tha e coltach gus an t-àni
so nach robh sionnach ann am Muile, agus cha 'n
'(Ù1 fhios agam an robh iarraidh air. Cha 'n
abair mi nach tugadh Alasdair Fliuch anns a"
Chrògan rud no dha na 'm b' urrain da an
cumail as gu buileach ; agus tha mi ciunteach
nach d' thug e maitheanas riabh do 'n fheadhainn
a chuidich ann a' chiad fhear.
Cha mhor laithean air nach robh cuid no
cuideigin a nunn s' a nail eadar Muile agus
Saoil ; bha malairt de slieòrsa no dha eadar an
da eilean. Bu udiath "a chunnaic an sionnach
so ; ach cia mar bha e ri faighinn thairis do
Mhuile, cha robh fios aige. Latha de na laithean
agus e ga 'fhalach fhein am an sloe os cionn
cladach Aird-nan-capull, an anail 'n a uchd, agus
e an deigh a ruagadh le aon de choin a' Chuirn-
bhàin, cha mhor nach robh e air bòidean a thoirt
gu 'n leumadh e a mach anns a' mhuir agus gu 'n
cuireadh e as da fein, an uair a chunnaic e
seòl geal bàta ag eirigh a mach bho chladach
Mhuile, agus a reir coltais, a' deanamh direacli
air a' phort a bha aig a chasan. Na bu dluithe
agus na bu dluithe thàinig am bàta, agus ceart
mar a shacjil e bhuail i air a' chladach mar ur-
chair cloiche do 'n aite anns an robh e ga 'fhalach
fhein. Bu mhath a dh' aithnich e gu 'n rolih
aca ri tilleadh an I'athad a thàinig iad, ach b'e
an càs cia mar a rachadh aige air faighinn thar
an aisig leò. Cha b' fhada l>h:i fear nan car 's

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence