Skip to main content

‹‹‹ prev (24)

(26) next ›››

(25)
19
aich. An lobhar a tha 'giulan truaillidheachd na
h-uaighe 'na bheatha air a ghlanadh. Tha beatha
nuadh agus saoghal nuadh air ani buileachadh
air a bhodhar. Ach tha Criosd ag eiridh gu ni
is airde na leigheas eucailean a' chuirp, — ag eiridh
gu leigheas an anama. Mar gun abradh e : " Inn-
sibh do dh' Eoin an dearbhadh is mò gur mise a
tha air teachd : ' Tha an Soisgeul air a shearmon-
achadh do na bochdan' — solus air boisgeadh
orra-san a bha 'nan suidhe ann an dorchadas, agus
an sgail a' bhais." Bh'uaithe so chi sinn aon
chomharra mòr bho Chriosd fein gur esan an Tì
a bha ri teachcl : — " An soisgcul air a shearmon-
achadh do na bochdan ;" agus an Eaglais nach
eil a' cumail sin fa comhair, cha'n Eaglais Chriosd
i iclir. Ach tha muinntir ann a mheasas "an
soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan "
le buinn airgid. C'ait an do chuir na U.P.'s Eag-
lais no Sgoil an Albainn ach far am paigheadh an
sluagh ?
Cha tuit sinn an dibheil misnich, oir tha sinn
làn chinnteach air aghaidh nan uisgeachan gu'n
snamh Airc an Tighearna gu buadhach, ard. Is e
Dia fein a tha aig an stiuir. Thubhairt sinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence