Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
18
criochaibh iomallach America cha 'n 'eil am bith-
eantas ri f haotainn ach Eear-teagaisg a' toirt cuairt
uair' sa mhìos, agus gu tric na's ainmice a chumail
aoradh follaiseach Dhia. Ann an astar latha
cha chluinnear clag Eaglais a' toirt cuireadh do 'n
luchd-aiteachaidh dol a suas do thigh Dhia.
Their sinn a rithist gur i n-Eaglais Steidhichte
Eaglais an duine bhochd, agus an ni suarach sin ?
Nach e so an dearbhadh a bu mho a thug an
Slanuighear gu'm b'esan a bha ri teachd ? Ann
am Mata xi. 2, tha sinn a' leughadh, " an uair a
chuala Eoin 'sa phriosan gniomhara Chriosd,
chuir e dithis d'a dheisciobluibh d'a ionnsuidh,
agus thubhairt e ris ; An tusa an tì ud a bha ri
teachd no am bi suil againn ri neach eile?
Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Imich-
ibh agus innsibh do dh' Eoin na nithe a tha
sibh a' cluinntinn agus a' faicinn, a ta na
doill a' faotainn an radhairc," &c. Cha robh aig
Sagairtean no aig Phairisich Iudea, no aig Eeall-
sanaich nan Cinneach ach beag suim do na bochd-
an. Tha eucailean a' chuirp brònach, agus tha
Criosd a nis a' tabhairt brat-sgaile bho shuil an
doill, agus a' tabhairt lùgh nam ball do na bachd-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence