Skip to main content

‹‹‹ prev (12)

(14) next ›››

(13)
thuit ballachan Iericho 'nani bruanaibh ? Co an
namhaid a b' urrainn seasamh f'an comhair an
là a' chruadail, agus Airc nam mile buaidh 'nan
seilbh ? Bha de làn earbsa aca anns an Airc agus
gu'n do thog iad iolach àrd a chuir eagal ann an
cridheachan an naimhdean. Ach, mo chreach !
aig deireadh an là, " Cha b'e mo roghainn a bha
an uachdar." Chaill na h-Israelich an cath, agus
fhuair na Philistich Airc an Tighearna 'nan seilbh
fad seachd miosan.
Ach cha robh an Airc 'na beannachd do na
Philistich. Cha robh fhios aca ciod a dheanadh
iad rithe. Bha i dhoibh mar phlaigh, oir bha
leir-sgrios eagalach 'na lorg, — bha làrnh Dhia trom
orra.
Tha sinn a' foghlum gu soilleir bho'n eachd-
raidh so gu'm bheil e comasach gu faod soch-
airean priseil imeachd bho aon bhuidheann de
dhaoine gun a bhi 'nam beannachd do bhuidheann
eile. Tba daoine ann a shanntaicheas sochairean
an coimhearsnaich, agus 'nan seilbh cha bhitheadh
iad ach mar Airc an Tighearnan an laimh nam
Philisteach. Tha cuid ann a smaointicheas ma

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence