Skip to main content

‹‹‹ prev (11)

(13) next ›››

(12)
6
deanadh ait cridlieachan nan linntean a dh' aom.
Tha ar dochas fathast gu'm bheil freumhan na
craoibhe sin cho domhain ann an glinn ar duthcha
agus nach dean na ruagalaich a tha a' siubhal
na Tìre, 's a' dùsgadh gu fearg, a spionadh as a
freumhan. An uair a sheallas sinn a stigh ann
am brigh na h-eachdraidh a tha an dlùcheangal
ri "Airc an Tighearn am fearann nam Philis-
teach," chi sinn iadsan a thainig dlù air an
Airc gun lamhan glan agus gun chridhe ceart,
gu'n d'thainig iad gu truaighe. A rithist iadsan
a rinn greim air an Airc le h-an-danadas, agus a
bha 'ga meas mar sheun, mar a bha na Cinnich a'
sealltainn air an iodhalaibh, tha fhios againn,
nach robh an Airc idir dhoibh 'na dìdein.
Shaoil na h-Israelich cho fad 'sa bha an Airc le
'làthaireachd 'nan seilbh, gu'm bitheadh buaidh
làraich dhoibh anns gach cùis an aghaidh an'
naimhdean. Nach bi sud Airc an Dia bheo fa
chomhair nach seasadh cumhachd 'sam bith ?
Nach b'ann fa chomhair làthaireachd na h-Airce
ud a sheas uisgeachean Iordain mar bhallachan
air gach taobh airson rathad tioram a thoirt
dhoibh ? Nach bi sud an Airc fa chomhair an do

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence