Skip to main content

‹‹‹ prev (68)

(70) next ›››

(69)
ADHAMH AGUS EUBH. 51
mallachJ a tha'n crbchadh o's ceann an neach " a chulreas ri
briathraibh an leabhair so."
Cha leiij mi leas innse dhuibhse gu bheil bun, no friamh
gach guth-f hocail ann an dà no tri de litrichean ; cha'n'eil
anns a chuid eile de'n fhocal ach meanglain a tha dhiubh fèin
gun toradh. Coimeasamaid uime sin, friamh na Gàèlig, mar
scriobiiadh i le Maois agus na Fàidhean — gcd chùidh a' mort
ann an cuid le scriobhaichean ludhach an deigh a bhraigh-
deanais* — ri Gàelig nan Gàèl air an la'n diugh, agus chì sibh
le'r sùilibh, a chànain air nach tug sibh iomradh 'nar beul gu'r
h-i nigliean Nàduir i, agus viàthair na h-Eabhra ! Chi
sibh na's iongantaiche na so ; chi sibh nach eil lèud ròinein a
chaidh Eadar-theangairean a BhiobuiU mearachd, o'n aineolas
air a Ghàelig, nach cuir an Gàèl is suarraiche ceart iad — chi
sibh, a dh' aon f hocal, ged chaidh a Ghàèlig a luidhe dhuibhse
d' a seòmraichean rioghail 's an àirde an iar, gur h-ann o a
lòchrann òir a ghoid mic agus nigheana na h- òi'che an solus
briseach, brioblach, èigineach ; agus 'nuair chluinnear seòm-
raichean a lìichairt a rì's a fosgladh — 'nuair chithear a' cèum
stàtail 's a mhadainn a' dìreadh nam beann 's an àirde an ear,
far an d' èirich i'n toiseach, 'nuair chuir mic Dhè failte oirre
le h-iolaich ; chi sibh gu'n smàl iad an crùisgeana leibideach,
's gu'n tàr iad as far nach faic sùil iad !
* " As the Hebrew has been a dead language for 2000 years the
true pronunciatiou of it is irrecoverably lost." — Wihon's Heb.
Gram. p. 21. Again, «' The present Hebrew characters are gener-
ally believed to be the Chaldean introduced by Ezra. — The old
Heb. cLaracters were those of the Phoen." — Ibid.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence