Skip to main content

‹‹‹ prev (274)

(276) next ›››

(275)
AN T-EILEANACH. 259
a' mhaide thuit i air a h-ais far an robh i roimhne.
Sheas iad tacan a' sealltainn oirre dh' f heuch an robh
biasta snàgnch no creutair ceithir-chasach sa bith dol a
thighinn a niach, ach cha robh dad d' an t-seòrsa ri
fhaicinn. Ghabh iad 'na caraibh a rithist, agus an
deigh a bhi tacain a' gleachd rithe chaidh aca air a cur
as a làrich. Bha an ulaidh an sud mu choinneamh an
SÙ1 — an t-òr buidhe a' dearrsadh anns a' ghrèin. Bha
e ann an cnapaich de phoit chreadha, ach bhrist iad
na criomagan i a' togail na cloiche. Cha b' fhada gus
nach robh gach boun 'us braiste a bha 'n sin am boineid
Eachainn Bhig. Thuirt e giin robh e fada gu leoir
anns a' phoit chreadha; agus an uair a fhuair e an
i^òr anns a' bhoineid, ars' esau ri Domhnull, 'Ciod e a
ni sinn ris a so V 'Ciod ach a roinn,' arsa Domhnull.
'B' f heàrr dhuinn fios a bhi againn air a luach an
toiseach,' ars' Eachann; 'tha, mar tha fios agad, mac
mo bhràthar-sa aig fear-lagha ann an Glaschu, agus
cha leig thusa no mise leis an fheur fas fo ar casan gus
an ruig sinn e, Ma chluinneas daoine iomradh air so
agus gu 'n tig e gu cluasan an luchd-lagha bidh a chuid
fhèin aig an Righ dheth; a chuid fhèin aig an Uach-
dran; agus cha 'n fhàg iad againne ach sgriobadh na
poite, agus, bho 'n bhrist sinn fhèin i cha bhi sinn ro
reamhar air na gheobh sinn oirre. Leis a sin feumaidh
sinn a bhi balbh air a' ghnothach so, eadhon bho ar
mnathan pòsda fhèin. Ma dh' innseas tusa do Mhàiri
e cha bhi bean 'san sgireachd nach faigh uaipe an
diùbhrais e, le earail làidir a thoirt orra nach innis iad
do neach eile e; ni a gheallas iad di, ach bidh leth
bharail agad fhein mar theid an gealladh a chumail.'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence