Skip to main content

‹‹‹ prev (273)

(275) next ›››

(274)
268 AN T-EILEANACH.
agus chuir e car dhi, ach bha earball na beisde a' dol
as an t-sealladh fo chloich eile. Bha each a nuas aige
's a' mhionaid agus an uair a dh' innis Iseabal dhaibh
cho mor 's a bha an nathair agus mar theab a cridhe
leum roiinhpe, leum Diighall Mac Phàraig a nunn do 'n
iomaire bhuntàta agus thug e nail an caibe. Ghabh e
an caraibh a' chuirn, ach a h-uile clach a thionndadh e
bhiodh earball bradaig ga fhàgail fo chloich eile. An
deigh a bhi tacain as a deigh mar so, thàinig e oirre
agus i na cuaich air lie mhòir, leathain, a bha cho
ordail air a leagail agus ged bhiodh duine an tiodh-
laeadh foidhpe. Cha b' fhada bha e cur as do 'n
nathair, anns an robh corr agus ceithir troidhean air
fad. 'Tha mi cinnteach,' ars' esan, ris an fheadhainn
a bha m' an cuairt air, 'nach robh i leatha fhein, gun
robh companach aice.' Thoisich e air biirach m'an
cuairt air, ach cha d' fhuair e ni de choltas nathrach.
Thug e smùid d' an chaibe air an lie, agus ars' esan,
'Tha mi cinnteach gu bheil gearasdan aca foidhpe so.'
'Ma tha,' thuirt Eachann, 'cha bhuain thu moran
eòrna an diugh m' an cuir thu as iad.' 'Cha 'n 'eil
fhios agam nach 'eil ulaidh foidhpe,' arsa Mòr Bheag.
'No cnamhan duine mhairbh, is e bu docha leam,' ars'
Iseabal; 'leigibh leatha.' Ach thoisich Dòmhnull air
bùrach a stigh fo 'n oir aice leis a' chaibe. Dh' fhalbh
Eachann a nunn do bhealach a' ghàraidh agus thug e
nail leis maide-tarsuing a bha 'sa' chachleith.
Chàirich e ceann a'mhaide anns an toll a rinn
Dòmhnull leis a' chaibe; chuir e sorachan fo chiil; leig
e a chudrom air a' cheann eile dhetli, agus thog e an leac
mu thuaiream troidh, ach air sleamhnachadh do cheann

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence