Skip to main content

‹‹‹ prev (248)

(250) next ›››

(249)
AN T-EILEANACH. 233
" Tha. pi llicheaii a stigh ann am bocsa," ars' ise, "'us
gabhaidh tu dhà no tri dhiubh."
" Cha gliabli no purgaid," ars' esan.
" Gabbaidh tu làu a' ghloiue niliòir do dh' uisge-
beatha," ars' ise.
" Nach luath a tha fios agad nach 'eil raise a gabhail
uisge-beatha uair sam bith," ars' esan.
" Ach tha na dotairean fhein g' a ordacbadh do
dhaoine bhios gun a bhi gu math," ars' ise.
" Tha, 's do dhaoine nach bi gun a bhi gu math idir,
ach cha d' ordaich iad dhomhs' e, 's cha ghabh mi e."
" Bheir mi dhuit ann an uisge teth 's an siùcar e."
" Am fear a dh' itheas a sheana-mhàthair faodaidh
e a h-eanaraich ol," ars' esan, "coma leat e."
Chunnaic a bhean nach robh math a bhi bruidhinn
ris agus dh' fhalbh i nunn gu taobh eile na sràide far
an robh Eachunn ruadh agus thug i nail comhl' rith' e,
ag innseadh dha cho neònach 's a bha Dughall air fas.
" Mur a bheil dad ceàrr air gu corpora," ars' ise, " tha
na 's miosa air."
'N uair a chunnaic Dùgliall mar a thionndaidh na
cuisean smaointich e gu feumadh e leth-sgeul air chor-
eigin a ghabhail agus thuirt e gu robh a cheann goirt.
Ach cha bhlaiseadh e sion air an àilleas, ach chaidh
uisge blàth 'chuir air a chasan gun taing dha 's a chuir
a luidhe. Thachair gu 'n robh Eachunn so agus Calum
nan-rann ag obair còmhla — 's e saoir a bh' annta le
cheile — agus anns a' mhaduinn an la 'r-na-mhàireach
thòisich Eachunn air innseadh do Chalum cho bochd
's a bha Dùghall og an raoir, agus cho danarra 's a bha e,
nach òladh e gloine uisge-bheatha ged a bheireadh e o'n
bhàs e.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence