Skip to main content

‹‹‹ prev (247)

(249) next ›››

(248)
lò'Z AN T-EILEANACH.
" Sin agad e," ai's' esan ris fèin.
Tha mi fo-o-o-o —
" Fhuaii" mi stigh paipeir a pìiolice tax an diugh," ars'
a bhean, " 's bidh am màl air an ath sheachdain. Clia
chualas a leithid. Mu 'n gann a tha 'n darna rud
pàighte, tlia iad air tliòir an rud eile. 'S ann a chuir-
eadh a h-uile rud a tli' ann ceann neach 'n a bhreislich,"
ars' ise.
" O, nach truagh duine nacli fhaigh clos mionaid a
stigh no muigh," ars esan.
Tha mi fo chùram mu chor na dùthcha,
'S na daoine cliùiteach a-a-a —
" Ciod e th' ort," ara' ise.
" O, 'bhean, na 'n cumadh tu do theanga 's mi bhiodh
ann ad' chomainn," ars' esan.
" Tha leam gu 'm b' aotrom an obair sin dhomh," ars'
ise, 'us i 'g eiridh 's a dol a nunn far an robh e 's i breth
air làmhan air 's g' an slaodadh a nuas o 'cheann.
" Ciod a tha ceàrr ort 1"
"Cha'n 'eil dad."
" Tha da dhad."
"Bi 'falbh 's leig leam."
" C arson a leigeas mi leat T
" Leig leam a bhi smaointeachadh."
" Ma ta gu deai'bh bidh obair agad a bhi smaointeach-
adh a' d' shuidhe 'n sin 's do làmhan mu d' cheann mar
gu 'm b' ann ort fein a bha cùram na rioghachd. Tha
thu Ian do 'n fhuachd. Cuiridh tu uisge blàth air do
chasan 's thèid thu 'luidbe." ars' ise.
" Cha chuir," ars' esan, "no ui.sge fuar. Gabh rorahad
's tog do d' oinsealachd."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence