Skip to main content

‹‹‹ prev (39)

(41) next ›››

(40)
24 AN T-EILEANACH.
Chuir mi mach mu cheann gu m' ghuaillean,
Dh' feuch am faicinn mnllach Chruachain,
Ach gu 'm b' eiidar dhomh toirt suas dheth
Air son tuainealaich ma chinn.
Cha 'n 'eil ian air sgiath 's an ealtuinn
Bheireadh fiaradh as feadli bheannaibh^
Shaoil mi gu 'n slugadh e 'n talamh
'Dol troimh Chalasraid 'n a sgriob.
'N uair ràinig mi baile nam bùthan
Bha g' am choinneachadh Nial Mac Uisdean,
'S dh' Ò1 sinn cuach do Ruairidh Dùbh,*
A shocraicb surdagan mo chinn.
Thachair oirnn Dòmhnull Mac Ruairidh
'S thug e leis sinn greis air chuairt,
'S gu faiceadh-mid an t-ioghnadh fuasach
A bha shuas aig Vinegar Hill.
'S fhuair sinn cuireadh dol do phàillinn,
'S ann an sud bha mhaighdean àhiinn,
'S h-uile gruaidh a bh' air a' mhàldaig
Cho leathunn ri mas tureen.
'S iomadh ioghnadh bh' ann ri f haicinn,
Famhairean cho mòr ri gearraiu,
'S daoine crion do shiol nan seangan,
Clann bràth'r sean-athar do Thotn Thwnb.
* A famous blend of Highland Whisky.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence