Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
AX T-EILEANACII. 23
ORAN DO'N OBAN RAILWAY.
Air Fonn. — '^Haoi oh, na 'n mala tiisa."
Seisd, — Haoi oh fair e. fair e,
'N còta ruadh 's mo chuaille daraich,
'S o 'n tha 'n train air tigh'n cho fagus,
Theid mi 'Ghlaschu mu 'n till.
Chuala mi le moran spleidhricli,
Gu 'm bheil an train air tigh'n do 'n Oban,
'S beag nach 'eil iad air mo bhòdhi-adh
Mu 'n each mhòr 'tha falbh le steam.
Thubhairt mi rium fhein Di-ciadain,
Theid mi ann — cha robh mi riamh ann,
'S dh' iarr mi uisge-blàth, 'us siabunn,
Gus an fhiasag a thoirt dhiom.
Thuirt Seonaid gu 'n robh i toileach,
'S thainig i leam dh' ionns' an doruis
'S thuirt i rium gun bhi ri dolaidh,
'iS dh' fheuch nach tugta 'n sporan dhiom.
'N uaii- a fhuair mi suidhe sàbhailt',
'S a' charbad gu dearbh bha àillidh,
Thug e aghaidh air Dail-mhàilidh
'Cheart cho failidh ri each sith.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence