Skip to main content

‹‹‹ prev (137)

(139) next ›››

(138)
124
Cha'n e guth bìnn, ach guidhe treun ;
Cha teud ach ci'idhe ceart ;
Cha ghlaodh ach gràdh, ni fuaim gu geur,
'An cluasaibh Dhe' nam fcart.
Tha dùrachd ann an ùrnuigh, marbha *n teine do'n
lobairt loisgte san tùiseir òir, a' toirt air e'iridh gu
nèamh, agus bòltracli ro-chùbhraidli a thoirt seacli-
ad. Is cudthromach na nithe a tha sinn ag iarraiiih
alr Dia ann an ùrnuigh ; mur buannaich sinn iad
tha simi caillte gu sìorruidh. Cha'n'eil e comasach
dhuinn, ma smuainicheas sinn air so, a bhi fuar ikj
saobh-cliràbhach. "' Nuair tha sibli a' dol a dheaii-
amh ùrnuigh," a deir Baxter diadhaidh, "cuiribli
m'a timchioll mar gu'm faiceadh sibh Dìa 'na ghlòir,
nèamh, agus ifrinn ; spioradan nan ionracan agus
nan aingidh, agus losa Criosd a' tagradh bhur cùis
air deas-làimh an Athar."
Aon uair eile, bithibh seasmhach foighidneach
ann an ùrnuigh, fo dheagh dhòchas, gu'n tig beann-
achd Dhe' oirbh mar chì e fe'in iomchuidh chum
bhur leas a chur air aghaidh. Cuimhnichibh a
bhan-Sirophenisianach : ge nach d'thug Criosd feairt
air a ceud athcliuinge, ged a fhuair i innseadh dh'i
nach robh e ceadaichte aran na cloinne thoirt do na
madra,idh ; gidheadh cha do chaill i a misneach,
ach lean i air guidheadh ni bu dùrachdaiche, gus
an d'thubhairt Criosd rithe, " O ! bhean, is mòr do
chreidimh ; bitheadh e dhuit mar is àill leat !" Na
smuainich gu bheil Dia a' diùltadh t'ùrnuigh
e'isdeachd, 'nuair nach 'eil thu mothachail air a
freagradh. 'Sann mar so a tha esan a' dearbhadh a
mhuinntir fe'in, 'gan deanamh ni's dùrachdaiclie na
bha iad riamh, le'n tilleadh air an ais a ris chum
an glùin. Cuir romhad nach dealaich thu ris gus
am beannaich e thu, ag ràdh maille ri Daibhidh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence