Skip to main content

‹‹‹ prev (95)

(97) next ›››

(96)
82
nam feuidte ràdh, a chuir mo chòmpanach fo eagal
co mòr. " Thig air t'aghart," thubhairt mi gu sùmh-
ach ri Eachunn. " Am bheil iad an sin ?" thubh-
airt e. " Am bheil iad a' dannsadh san t-solus,
no ri fleadhachas cuirme?" Dhlùthaich e gu
sgàthach ri m' thaobh, agus air dha a' cheud
phlathadh fhaicinn do'n fliear-chiùil, thug e sitheadh
seachad orm, a' glaodhaich a mach le aighear nach
b'm-raimi da cheamisachadh, " lain mhòir nan creag,
an tusa tha'n so? Mo bheannaclid air do
cheami molach, 's mi tha toilichte t' fhaicinn!" Dh'
e'irich lain bochd, 's chuir e fiiilte oirmi, a' tilgeil
tuillidh mhaidean air an teine. Shuidh simi mu'n
cuairt air a' chagailt; agus dh' aidich Eàchunn
cùir, oir cealg cha robh 'na chòm, nach b'urrainn
da gu brùth a bhi co taingeil 'sa bhuineadh dha,
airson nach d' fhuair e cead tilleadh, mar bha rùn
air 'nuair a chual' e'n ceòl. " Is ioma sgeul," thubh-
airt e, " a chuala mi riamh mu Choire-na-s"ithe ; 's
nam bithinn a nochd air tilleadli gun so fliaicinn,
bha mo sgeula fe'in chum an dearbhadh. Cha
tugadh am ministeir fein orm a chreidsinn nach
robh na daoine-heaga ann an Uamh nah-ochanaich."
Dh' fheòraich mi dheth, an robh da rireadli eagal
air ? " Eagal !" deir esan, 's e suathadh air falbh an
fhallais fhuar a bha fathast air a ghnùis; "air nàile
bhà, 's gu leùir dheth, barrachd 'sa bha riamh orm
a' dol sìos do'n bhUVr le Ailein an Earrachd -. ach
ma bha, cha bhi tuillidh mu'n ghnothach cheudna."
Tha so a' leigeil ris duinn cia co faoin an ni o'n
èirich seanachas dùthcha mu ni bha iad gnàthaicht'
a chreidsinn : agus nan rannsuicheadh daoine gu
mionaideach mu 'thimchioll, thuigeadh iad gur e
bh' ami, an àite a bhi 'na chùis-eagail, culaidh-
àbhacuis agus fearaskihuideachd.
Fhuair mi mach o Eachumi eachdraidh an duinc
bhochd so a bha san uamli. Bu neò-dhuine gun
mhath gun mhilleadh e : a nuas o 'òige, ged a bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence