Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
30
Tha 'n treun a bha gaisgeil, tlia 'u lag a bha caoio,
Tha 'n t-òg a blia sgairteil, an glacaibli an aoig ;
Tha 'mliàthair 's am macan a' greasadh gu teann,
A' streapadb. 's a' direadh gu cirein nam beann.
B'i iomairt a' cliruadail gun bhuaidh leatha bb'ann,
Tha 'n t-uisge a' bualadh ri cruachaibh nam beann ;
Tha 'n tuil air iom-sgaoileadh air raon agus blàr, —
Thar airde gach monaidh tha 'tonnan toirt bàrr.
Tha 'n cath air dol seachad, an cath ud bu chruaidh,
A's shiolaidh an eubhach bu ddist'neach car uair :
An tuil bhuail a basan, le aiteas a's fonn,
Ag eubhach buaidh chaithream, 's an talamh fo 'bonn.
Faic toradh a' pheacaidh, 's a' bhreitheanais chruaidh;
Faic caoimhneas a's càirdeas an Ard-Righ d' a shluagh :
An ciontach tha bàite, rinn tàir air a' choir,
Am fireau tha sàbhailt, thug gràdh dhi le deòin.
Is faic i an Aire' air bharra nan sùgh,
Gun chombaist, gun acair, gun acfhuinn, gun siiiil,
A' gabhail a ciirsa fo stiùradh Mhic Dhè,
'S i torrach le dòchas an òg chruinne chd.
LATHA NOLLAIG.
Caomh fhailt ort a latha — a latha mo ruin —
A latha uil' airidh air moladh a's cliii;
A NoUaig ged 's doilleir leam 'soilleir do ghnhis,
'S ro aoibhneach do sgeula do'n eiislan 's do'n chiùirt'.
'Ur cleasachd 's 'ur gòraich cha bhòidheach leam fhin,
'Ur dannsa 's 'ur ceòl cha deònach gu cinnt' ;
'Ur sugradh, 'ur mànran, 's'ur n-àbhachd ro bhaoth,
Le m' chridhe tha taireil, 's cha 'n àraich dhoibh gaol.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence