Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
29
Nach cruaidh i, a' ghàir ud, tha 'n dràst a' dol suas,
Am bas-bliualadh cràiteach 'measg gàrthaich nan stuagh !
An glaodh a's an iolacli tha 'srachdadh nan nial,
Gun dòclias, gun fhiughair ri furtachd o Dhia.
"An cluinn thu sinn idir, am fidir ar càs?
'N do dhiiilt thu gu tur sinn, 'n do liubhair gu bàs ?
A sruthaibh do chorruich an òl sinn gu sior i
Do bhagràdh, mo thruaighe • ged bu chruaidh e gu 'm
b' f hior.
"Gur ceart i, ar binne, 0! 's cinnteach gu leòir, —
Air Dia rinn sinn dimeas — an dimeas bu mho;
D'a thoil cha do striochd sinn — mheas f hirinn mar sgleò —
B' e ar dia ar toilinntinn — ar n-iodhal ro mhòr.
"Tha'm firean a chreid thu, 's a' chuideachd maraon,
A' ghluais ann a d' eagal, 's a sheas air do thaobh,
An tearmunn na h-àirce, gun sgath is gun fhiamh,
Roi' dhoinionn nan àrd-bheann is àrdan nan sian."
Tha 'n dile a' sgaoileadh, a' sgaoileadh gu bras,
Thar broilleach gach aonaich a's faoin bheanna cas ;
Thar fireach gach monaidh, a's slinnein nam beann
Tha 'm biirlam a' dortadh, a dòrtadh na dheann.
Tha na h-eòin bheaga bhòidheach, bu cheòlmhor 's a'
choill,
Gun iomradh air òran fo dholtrum is oillt ;
Tha 'n spionnadh 'g am fàgail, cha dan dhoibh bhi buan,
Tha 'n nid bheag 's an alach a snamh air a' chuan.
Tha 'n leòmhan a b' alluidh, 's madadh alluidh nan earn,
Tha sionnach an t-saobhaidh, a's maoisleach a cha ir,
Tha damh a chinn chabhraich, a's earbag nan tom, —
An comunn a' chèile, dol eug feadh nan tonn.
! 's cianail a' ghàir ud, 's gach ait agus taobh,
'S is cruaidh i an spàirn gu tàradh o 'n aog;
Tha gach ainmhidh fo dislein, gach creutair fo ghruaim, —
Tha 'n t-uisge ag èiridh, ag èiridh 'na cruaich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence