Skip to main content

‹‹‹ prev (357)

(359) next ›››

(358)
334 AM FEAR-CIUIL.
gus an robh mi ion 's as mo chiall. Thuiit nii ri bean an
tighe 'san robh mi fuireachd aig an àm gun an duine sin a
leigeil a stigh air an dorus a rithist. " Ciod a their mi ris
ma thig e ?" ars' ise. " Abair ris nach beo mi ; gu 'n deach
mo bhàthadh an Luba-nan-geadh ; rud sam bith a thoiHcheas
tu, ach gun a leigeil a stigh." Thainig e uair no dhà gun
faotainn a stigh ; ach cha robh mo laochan a' dol a leigeil
dheth a' ghnothaich mar sin ; thòisich e air tachairt orm air
an t-sràid, 's e, ma b' fhior e fein, air a cheum a' dol taobh-
eigin eile ; ach ciod air bith cearn de'n bhaile 'sam bithinn,
thachradh an taillear orm, direach mar gu 'n eireadh e as a'
ghrunnd a dh' aona ghnothach a chumail còmhdhail rium.
Tha e air a radh gur e gaol an airgid f reumh gach uilc. Tha
amharus agam nach robh am fear a thuirt so air a gheur-
leanmhuinn mar bha mise ; na'm bitheadh chuireadh e car
eile 'san radh sin. Na smaointean a bu mhiosa thainig
riamh am cheann, bha iad air an deachdadh, cha b' ann le
gaol ach le cion an airgid. Na'm biodh an t-airgiod agam,
phàighinn an taiUear gu suilbhir, 's cha bhiodh tuillidh mu
dhèidhinn ; ach a thaobh cion an airgid, 's ann a smuaintich
mi a mhealladh leam do chìiil uaignich agus cur as da ; ach
bha gad na croiche tuiUidh 's dluth d'a leithid sin dechaithe-
aimsir. Smuaintich mi 'n sin ciamar a b' urrainn domh
bristeadh a stigh do'n bhanc, 's a thoirt leam à sin na phàigh-
eadh an taiUear ; ach bha fhios agam gu 'm l^eireadh na
maoir orm mu ruiginn ceann m' uidhe ; leughadh iad air
clàr mo bhathais ciod a bh' air m' aire, 's chuireadh iad an
sàs mi. O ! airson crith-thalmhainn a chrathadh an taillear
as a sheiche, no oiteag lom, gheur, iomaghaoith a sguabadh
e bharr aghaidh na talmhainn, 's a dh' fhagadh e far an sguir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence